Mur eil mòran ùine agad, no ma tha thu dìreach airson beagan eòlais a chur air Balla Antonine, dè na h-àiteachan as fheàrr airson na th’ air fhàgail de na Ròmanaich fhaicinn?
Tha am “Prìomh Dheich” a leanas a’ cur cuideam air na h-àiteachan as so-ruigsinnich, a’ gabhail a-steach àiteachan far a bheil gach feart cudromach a th’ aig a’ Bhalla ri fhaicinn an-diugh.
Bu chòir àireamhan a h-aon is a dhà fhaicinn gun teagamh sam bith, agus tha na h-àiteachan eile air am mòr mholadh.