Tha grunn thaisbeanaidhean beaga mu eachdraidh ionadail san taigh-tasgaidh seoa tha suidhichte air làr àrd Leabharlann Chill Said he. Am measg nan cuspairean tha dualchas gnìomhachail Chill Saidhe, A’ Chiad Chogadh, Blàr Chill Saidhe agus Balla Antonine. Am measg nan stuthan àrsaidh a tha air an taisbeanadh tha crèadhadaireachd Ròmanach, taghadh de tharragan mòra agus altair molltaichte. Tha an taigh-tasgaidh agus an leabharlann nan àite rannsachaidh airson eachdraidh ionadail, le deagh thasglann de mhapaichean ionadail agus dealbhan, a bharrachd air meanbh-fhilm de chunntasan-sluaigh na sgìre agus tùsan eile. Bu chòir do luchd-tadhail a bhith mothachail nach eil dòigh air faighinn dhan taigh-tasgaidh ach suas staidhre agus nach eil lioft chun an làir àird ann aig an àm seo.