-
Bha Balla Antonine, am pròiseact togail a b’ iongantaiche a chunnaic muinntir Alba a-riamh, a’ sìneadh thairis air an dùthaich, bho Chluaidh gu Foirthe.
-
Air a thogail mu 142 AD le na Ròmanaich gus crìoch iar-thuath na h-ìmpireachd aca a chomharrachadh, bha am Balla na shamhla air an cumhachd agus an ùghdarras.
-
Bha an t-slighe a’ dèanamh an fheum a b’ fheàrr de fheartan-tìre, leithid dromannan, mullaichean is sgarpannan, gus bacadh follaiseach agus eagalach a chruthachadh.
-
Air a thogail, a thuineachadh agus air fhàgail le na Ròmanaich taobh a-staigh fichead bliadhna, tha am Balla air a làrach fhàgail air sealladh-tìre na h-Alba.
-
Bho 2008, tha Balla Antonine air a bhith na phàirt de Làrach Dhualchas na Cruinne Crìochan Ìmpireachd na Ròimhe maille ri Balla Hadrian agus na Limes Gearmailteach.
-
An-diugh, faodaidh tu sgrùdadh a dhèanamh air na th’air fhàgail de rampairean, dìgean cas agus làraich ghearastain is taighean-amaran – agus smaoineachadh cò ris a bhiodh am beatha coltach dha na Ròmanaich a bha air an cur chun a’ chrìch iomallaich seo.